GàidhligEnglish

Frequently Asked Questions Ceistean Cumanta

Below is a list of MG ALBA's most common FAQs Seo cuid de na ceistean cumanta a tha MG ALBA a' faighinn
  • What is BBC ALBA?
    • BBC ALBA is the new channel for Gaelic television programmes - a partnership between MG ALBA and the BBC.


  • How do I get the Channel?
    • On satellite: SKY channel 168 and Freesat channel 110.

      Cable: Virgin Media channel 188

      Freeview: channel 8

      If you receive digital television by any other means, contact your service provider if you have questions about accessing BBC ALBA.

      Digital Switchover: For advice and information about the Digital Switchover, contact Digital UK by visiting www.digitaluk.co.uk or calling 0845 6 50 50 50.

      Further information: Telephone 01851 705550

      You can also see a selection of BBC ALBA programmes online at www.bbc.co.uk/iplayer.


  • When was BBC ALBA officially launched?
    • Friday 19 September 2008 at 9pm.


  • When is BBC ALBA on air and what kind of programmes does it broadcast?
    • BBC ALBA is on air every day from 5pm until late. Programmes will include:
      • Sports
      • News
      • Children’s
      • Entertainment programming for all ages

      There are also programmes for Learners of Gaelic and those interested in Gaelic music, language and culture. Further information about BBC ALBA schedules and programming is available at www.bbcalba.co.uk.


  • Where is the channel based and how many jobs are involved?
    • One of the major community benefits of BBC ALBA is that it is spread around Scotland. Continuity and channel management come from Stornoway, the news service hub is based in Inverness, and programmes are transmitted from Glasgow. Programmes for BBC ALBA are also commissioned from a number of independent production companies based throughout the country.
      Between MG ALBA, the BBC and the independent sector there are approximately 80-100 people working full-time on producing and broadcasting BBC ALBA programming


  • What will this cost?
    • BBC ALBA is a free-to-air channel, so if you already receive digital television by satellite you will not need to pay any more to see the new channel.
      If you do not already have digital television, you will need to get new equipment to allow you to see BBC ALBA. Prices for satellite installation will vary and you should consult a TV supplier in your area.
      To find out about options for upgrading your television equipment and for advice and information about the Digital Switchover, contact Digital UK www.digitaluk.co.uk.


  • Who is responsible for providing the service?
    • The channel is provided by the digital media partnership between MG ALBA and BBC Scotland for the delivery of Gaelic services. MG ALBA is a body funded by the Scottish Government and regulated by Ofcom. The television channel is licensed by the BBC and is regulated by the BBC Trust.


  • Who are the key officials?
    • Alan Esslemont (MG ALBA) is Head of Content. Margaret Mary Murray (BBC) is Head of Service. The Head of Content and Head of Service report to Bòrd ALBA, the joint management board established by the two organisations to run BBC ALBA. You can find out more about how the partnership works here.


  • How is the channel funded?
    • The television budget for 2008/09 is £14million, £10m of this being provided by MG ALBA and £4m by BBC Scotland. MG ALBA is funded by the Scottish government and regulated by Ofcom.


  • Where can I get further information?

  • Dè th’ ann am BBC ALBA?
    • Is e BBC ALBA an sianal ùr telebhisean airson prògraman Gàidhlig – co-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC


  • Ciamar a gheibh mi an sianal?
    • Air saideil: SKY sianal 168 agus air Freesat sianal 110

      Càball: Virgin Media sianal 188

      Freeview: channel 8

      Siostaman didseatach eile: Ma tha thu a’ faighinn telebhisean didseatach tro meadhan sam bith eile, cuir fios gu buidhinn lìbhrigidh na seirbhis agad ma tha ceistean agaibh air mar a gheibh thu BBC ALBA

      Tionndaidh gu Didseatach: Airson comhairle agus fiosrachadh mun tionndaidh gu didseatach, cuir fios gu Digital UK le bhith a’ coimhead air www.digitaluk.co.uk neo a toirt fòn gu 0845 650 50 50

      Chìthear taghadh de phrògraman BBC ALBA air-loidhne aig www.bbc.co.uk/iplayer.


  • Cuin a thòisich BBC ALBA?
    • Dihaoine 19 Sultain 2008 aig 9f.


  • Cuin a bhios BBC ALBA ga chraoladh agus dè seòrsa phrògraman a bhios ann?
    • Bidh BBC ALBA air an adhair a h-uile latha bho 5f gu anmoch air an oidhche. Chi thu:

      • spòrs de dh’iomadh seòrsa
      • naidheachdan
      • prògraman chloinne
      • aithris is cur-seachad airson sean is òg
      Bidh tòrr ann a chòrdas ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus ri daoine aig a bheil ùidh ann an ceòl, cànan is cultar. Gheibhear barrachd fiosrachadh mu phrògraman agus clàr-ama BBC ALBA aig www.bbcalba.co.uk


  • Càit a bheil an sianal stèidhichte agus cia mheud obair a tha ann?
    • Tha e na bhuannachd mhòr dhan choimhearsnachd gu bheil obraichean co-cheangailte ris an t-sianal air feadh Alba. Bidh an clàr prògram agus na meadhanan didseatach gan deasachadh ann an Steòrnabhagh, bidh na naidheachdan a’ tighinn bho Inbhir Nis, agus thèid na prògraman a chur air an adhair bho Ghlaschu.
      Thèid a mhòr chuid de na prògraman airson BBC ALBA a dhèanamh le companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach air feadh na dùthcha.
      Eadar MG ALBA, am BBC agus na riochdairean tha eadar 80 agus 100 neach ag obair làn ùine, a’ chuid as motha dhuibh air taobh riochdachaidh.


  • Dè chosgas e an sianal fhaicinn?
    • Thèid BBC ALBA a chraoladh an asgaidh. Mar sin, ma tha sibh a’ faighinn telebhisean didseatach tro shaideil mar-thà cha leig thu leas an còrr a phàigheadh airson an sianal ùr fhaicinn.
      Mur eil telebhisean didseatach agad mar-thà, feumaidh tu uidheamachd ùr fhaighinn mus faic thu BBC ALBA. Bidh prìsean ceangal is uidheamachd eadar-dhealaichte airson diofar siostaman, agus bu chòir dhut comhairle a shireadh bho bhùthan telebhisein san sgìre agad fhèin. Airson comhairle is fiosrachadh mu ùrachadh uidheamachd telebhisein agus mun tionndadh gu didseatach, cuir fios gu Digital UK air www.digitaluk.co.uk.


  • Cò tha a’ ruith na seirbheis?
    • Tha MG ALBA agus am BBC a’ lìbhrigeadh BBC ALBA ann an co-bhanntachd. Tha MG ALBA maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus air a riaghladh le Ofcom. Tha an sianal ga chraoladh fo chead-craolaidh a’ BhBC agus ga riaghladh le Urras a’ BhBC.


  • Cò na daoine a tha an sàs ann?
    • Tha Alan Esslemont (MG ALBA) na Cheann Phrògraman, ’s tha Mairead Màiri Mhoireach (BBC) na Ceann Seirbheis. Tha an dithis aca a’ freagairt gu Bòrd ALBA, am bòrd a chaidh a stèidheachadh eadar an dà bhuidhinn gus BBC ALBA a lìbhrigeadh. Gheibhear barrachd fiosrachadh mun cho-bhanntachd an seo.


  • Ciamar a tha an sianal ga mhaoineachadh?
    • Is e £14m am buidseat airson 2011/12 – £10m bho MG ALBA agus £4m bhon BhBC. Tha MG ALBA maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus air a riaghladh le Ofcom.


  • Càit am faigh mi barrachd fiosrachadh?

Facilities FAQs FAQs Goireasan MG ALBA

Follow this link to read the MG ALBA Facilities Frequently Asked Questions. Lean an ceangal seo gu Ceistean Cumanta Goireasan MG ALBA.